Earrainn 1 – Ro-ràdh an Iùil air Fiosrachadh

susbaint

Fo Achd Saorsa Fiosrachaidh (Alba) 2002 feumaidh a h-uile h-ùghdarras poblach an Albainn seòrsaichean sònraichte de dh’fhiosrachadh a bhith ri am faotainn aca gu gnàthach, agus iùl air fiosrachadh a sholar a dh’innseas don t-sluagh mar a gheibh iad am fiosrachadh agus costas sam bith a dh’fhaodas a bhith na lùib.

Tha an t-Iùl seo air Fiosrachadh ag innse cuideachd mun fhiosrachadh àrainneachdail a bhios ri fhaotainn againn gu gnàthach fo Riaghailtean Fiosrachaidh Àrainneachdail (Alba) 2004.

Ghabh Oilthigh na Gàidhealtachd agus nan Eilean ri Modail Sgeama Foillseachaidh 2013 a chaidh a chur a-mach le Coimiseanair Fiosrachaidh na h-Alba, aig a bheil an dleasnas a bhith a’ cur Achd Saorsa Fiosrachaidh na h-Alba an grèim. Fhuair an sgeama seo aonta gus 31 Cèitean 2017. Chì sibh an sgeama seo air làrach-lìn a’ Choimiseanair aig no le fios a chur ar n-ionnsaigh san t-seòladh gu h-ìseal.

Gabh sinn uallach oirnn fhèin a h-uile fiosrachadh fhoillseachadh a bhios air a chumail againn agus a bhoineas do na seòrsaichean fiosrachaidh san sgeama. Bheir an t-Iùl seo air Fiosrachadh tuairisgeul air an fhiosrachadh a dh’fhoillsicheas sinn a rèir an sgeama, agus air an dòigh a thèid agaibh air am fiosrachadh fhaotainn.

Feumaidh sinn a rèir an Achd leas a’ phobaill a bhith air ar n-aire mar as iomchaidh ann a bhith a’ toirt cothrom air an fhiosrachadh a th’ againn a bhoineas do na leanas:

  • an t-seirbheis a bhios sinn a’ solar;
  • costasan nan Seirbheisean sin;
  • inbhe nan seirbheisean sin;
  • am fiosrachadh as bunait do na co-dhùnaidhean cudromach a nì sinn; agus
  • an reusanachadh as bunait do na co-dhùnaidhean againn.

Chaidh an t-Iùl seo air Fiosrachadh ullachadh le Buidheann Ghnàthaichearan Fiosrachaidh Foghlaim Àrd-ìre na h-Alba, fo sgèith Bhuidheann Rùnairean Oilthighean na h-Alba. Chuir a’ Bhuidheann Ghnàthaichearan comhairle ris na h-ùghdarrasan poblach a bha ri an toirt a-steach san Iùl, gus an toireadh iad barail dè am fiosrachadh a bu chòir a bhith san Iùl, le sùil air ath-sgrùdadh a rinneadh air iarrtasan fiosrachaidh, agus measaidhean air fios a fhuaras air ais air sgeamaichean foillseachaidh cheana.